'S tha 'n t-Eilean ro mhaiseach, ro phailt ann am
biadh,
'S e eilean a's àille air 'n do dhealraich a' ghrian;
'S e eilean
mo ghràidh 'sa bha Ghàidhlig ann riamh,
'S chan fhalbh as gu bràth gus an
tràigh an Cuan Siar.
[Séisd:]
A chiall nach mise bha'n Eilean a'
Fhraoich
Nam fiadh, nam bradan, nam feadag 's nan naosg,
Nan lochan, nan òban, nan osan, 's nan caol,
Eilean innis nam bò, àite còmhnuidh nan
laoch.
'S air feasgar laithean Geamhraidh, 'n àm tionnar a'
ghrian,
Toir dh'eòlais dha'n chlann bhiodh gach seann duine liath.
'S
bhiodh iasgair na mara a' càradh a lìon,
A nighean a' càrdadh 's a màthair a
snìomh.
'N Cape Breatuinn chaidh m'àrach, eilean àluinn nam beann,
Far
'n do dh'ionnsaich mi Gàidhlig, 's mi nam phàisd' aig an àm,
Aig glùinean mo
mhàthair chaidh mo thàladh 's a chainnt',
'S cha leig mi air diochuimhn' i,
ged is liath-ghlas mo cheann.